Spelling suggestions: "subject:"beacham"" "subject:"beach.in""
1 |
Cànain agus Cultar ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig : Neartan, Duilgheadasan agus am Buaidh air Comasan is Seasamhan Cànain na h-ÒigridhLandgraf, Julia (Sìleas) January 2014 (has links)
Chaidh sùil mhionaideach a thoirt air a' cheangal eadar cànain agus cultar ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FMG), a rèir dàta a thogadh ann an naoi diofar sgoiltean ann an sgìrean eadar-dhealaichte ann an Alba, le fòcas sònraichte air neartan agus duilgheadasan a thaobh fios a-steach do chloinn ann am FMG, agus mar a dh'fhaodas buaidh a bhith aig sin air comasan agus seasamhan cànanach nan sgoilearan. Chumadh agallamhan leth-structarail ri 80 sgoilear (eadar BS 5 agus AS 2), 32 phàrant agus 16 luchd-teagaisg. Tro sgrùdadh nan agallamhan rinneadh measadh air comasan cànain na cloinne, air am misneachd a thaobh na Gàidhlig, an cuid sheasamhan mu choinneimh na cànain agus air an tuigse air eachdraidh agus cultar na Gàidhlig. Chaidh ceist eile a chumail ann am fòcas ceangailte ris gach puing, agus b' i cò às a thàinig am fiosrachadh a bh' aig a' chloinn: dè an seòrsa fios a-steach a fhuair iad tro FhMG agus dè thàinig bhon dachaigh fhèin. Dh'obraicheadh a-mach na ceanglaichean eadar am fios a-steach sin agus am fios a-mach a fhuaireadh, .i. eòlas na cloinne air na cuspairean ainmichte. Chuireadh beachdan nan agallaichean (gu lèir) air FMG ris an fhiosrachadh sin gus measadh farsaing a dhèanamh air an t-siostam foghlaim sin. Stèidhichte air toraidhean an sgrùdaidh, nochdadh molaidhean airson leasachadh FMG san àm ri teachd, gu h-àraidh a thaobh fios a-steach agus àrainneachd ionnsachaidh na cloinne agus a thaobh an ceangal eadar cànain agus cultar a shìor neartachadh san teagasg.
|
Page generated in 0.0353 seconds