Chaidh sùil mhionaideach a thoirt air a' cheangal eadar cànain agus cultar ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FMG), a rèir dàta a thogadh ann an naoi diofar sgoiltean ann an sgìrean eadar-dhealaichte ann an Alba, le fòcas sònraichte air neartan agus duilgheadasan a thaobh fios a-steach do chloinn ann am FMG, agus mar a dh'fhaodas buaidh a bhith aig sin air comasan agus seasamhan cànanach nan sgoilearan. Chumadh agallamhan leth-structarail ri 80 sgoilear (eadar BS 5 agus AS 2), 32 phàrant agus 16 luchd-teagaisg. Tro sgrùdadh nan agallamhan rinneadh measadh air comasan cànain na cloinne, air am misneachd a thaobh na Gàidhlig, an cuid sheasamhan mu choinneimh na cànain agus air an tuigse air eachdraidh agus cultar na Gàidhlig. Chaidh ceist eile a chumail ann am fòcas ceangailte ris gach puing, agus b' i cò às a thàinig am fiosrachadh a bh' aig a' chloinn: dè an seòrsa fios a-steach a fhuair iad tro FhMG agus dè thàinig bhon dachaigh fhèin. Dh'obraicheadh a-mach na ceanglaichean eadar am fios a-steach sin agus am fios a-mach a fhuaireadh, .i. eòlas na cloinne air na cuspairean ainmichte. Chuireadh beachdan nan agallaichean (gu lèir) air FMG ris an fhiosrachadh sin gus measadh farsaing a dhèanamh air an t-siostam foghlaim sin. Stèidhichte air toraidhean an sgrùdaidh, nochdadh molaidhean airson leasachadh FMG san àm ri teachd, gu h-àraidh a thaobh fios a-steach agus àrainneachd ionnsachaidh na cloinne agus a thaobh an ceangal eadar cànain agus cultar a shìor neartachadh san teagasg.
Identifer | oai:union.ndltd.org:bl.uk/oai:ethos.bl.uk:582678 |
Date | January 2014 |
Creators | Landgraf, Julia (Sìleas) |
Contributors | Mac an Tàilleir, Iain ; Cox, Richard A. V. |
Publisher | University of the Highlands and Islands |
Source Sets | Ethos UK |
Detected Language | English |
Type | Electronic Thesis or Dissertation |
Source | https://pure.uhi.ac.uk/portal/en/studentthesis/canain-agus-cultar-ann-am-foghlam-tro-mheadhan-na-gaidhlig(57cc1720-01bd-465f-910e-f1e925091cd3).html |
Page generated in 0.002 seconds