Bha Naomh Moire Òigh fìor chudromach ann an cràbhachd Eòrpach nam meadhan-aoisean anmoch. Tha e na amas aig an tràchdas seo faighinn a-mach a bheil an aon rud fìor airson Gàidhealtachd na h-Alba. Thathar a’ caoidh nach eil tùsan gu leòr ann a tha ceadachadh dhuinn mòran ionnsachadh mu chràbhachd nan Gàidheal aig an àm. Ach thèid cur air adhart an seo nach eil sin buileach ceart. Chithear gum faod sgrùdadh air ainmean, clachan-snaighte, clàraidhean eachdraidheil is eile a bhith torrach ma bhios sinn airson sealladh fhaighinn air cràbhachd do Mhoire. Ach thèid sealltainn cuideachd gur e sgrùdadh air litreachas an dòigh as fheàrr tuilleadh ionnsachadh mu chràbhachd do Mhoire. Chithear gum faod sgrùdadh mar sin ionnsachadh dhuinn mu chleachdaidhean cràbhaidh agus an dòigh a bhathar a’ tuigsinn àite na h-Òighe anns an diadhachd. ’S e a’ bhàrdachd chlasaigeach chràbhaidh a gheibhear anns an làmh-sgrìobhainn Leabhar Deadhan Lios Mòir (1512-1542) prìomh thùs an tràchdais seo. Thèid coimhead air nòsan na bàrdachd seo a bha ga dèanamh ann an Èirinn agus Alba agus thèid ceistean a thogail mu amasan, diadhachd agus tùsan nan dàn agus gu dè an ìre a tha iad a’ toirt dhuinn fianais airson creideamh a bha àraid do na Gàidheil. Gheibhear clàr agus sgrùdadh airson na bàrdachd chràbhaidh air fad a gheibhear ann an Leabhar an Deadhain. Tha còig dàin air Moire ann an Leabhar an Deadhain agus ’s iad sin: ‘Éistidh riomsa, a Mhuire mhór’, ‘Fuigheall beannacht brú Mhuire’, ‘Binn labhras leabhar Muire’, ‘Iomdha sgéal maith ar Mhuire’, agus ‘Ná léig mo mhealladh, a Mhuire’. Seallaidh sgrùdadh mionaideach air na còig dàin sin gun robh iomadh feart aig Moire do na Gàidheil, mar a bha air feadh na h-Eòrpa.
Identifer | oai:union.ndltd.org:bl.uk/oai:ethos.bl.uk:533423 |
Date | January 2011 |
Creators | Innes, Sìm Roy |
Publisher | University of Glasgow |
Source Sets | Ethos UK |
Detected Language | English |
Type | Electronic Thesis or Dissertation |
Source | http://theses.gla.ac.uk/2425/ |
Page generated in 0.0019 seconds