Return to search

Telebhisean mar ghoireas poileasaidh cànain : a chleachdadh aig cloinn dà-chànanaich

Thugadh sùil mhionaideach air cleachdadh susbaint le ochdnar cloinne da-chànanaich (aois 3 agus 4) bho dhiofar theaghlaichean stèidhichte ann am Barraigh agus Glaschu. Chaidh sgrùdadh a dhèanamh air dòigh a rinn pàrantan roghainnean a thaobh cànan na susbaint (eadar a' Bheurla agus a' Ghàidhlig) nuair a bha iad a' taghadh susbaint dhan chuid cloinne. Rannsaicheadh mar a bha poileasaidh cànain nan teaghlaichean agus cleachdaidhean susbaint ag obrachadh còmhla. Chaidh leabhraichean-latha susbaint a lìonadh air cleachdaidhean susbaint na cloinne agus chaidh agallamhan a chumail le pàrantan. Tha an rannsachadh a' sealltainn nach do chleachd a' chlann uile susbaint Ghàidhlig uile gu lèir mar a dh'fhaodadh iad agus gun robh diofaran ann eatorra. Chaidh fada a bharrachd susbaint Bheurla na susbaint Ghàidhlig a chleachdadh am measg na cloinne air fad. Chuir cuid de theaghlaichean luach air susbaint mar ghoireas poileasaidh cànain agus iad ga cleachdadh airson cothroman cànain-a-steach sa Ghàidhlig adhbhrachadh agus bha cuid ann nach do chleachd susbaint Ghàidhlig sam bith. Thug iomadh factar buaidh air roghainnean susbaint agus tha na factaran sin air an sgrùdadh. Tha na diofaran a nochd ann an cleachdadh susbaint air an cnuasachadh ann an co-theacsa poileasaidh chànain theaghlaich. Cha robh poileasaidh cànain làidir a thaobh cleachdadh na Gàidhlig a-staigh daonnan a' ciallachadh gun robh susbaint Ghàidhlig air a cleachdadh. Thugadh molaidhean seachad do luchdpoileasaidh cànain agus luchd-poileasaidh nam meadhanan Gàidhlig air leasachaidhean a dh'fhaoidte dèanamh gus cleachdadh susbaint Ghàidhlig a neartachadh.

Identiferoai:union.ndltd.org:bl.uk/oai:ethos.bl.uk:760037
Date January 2018
CreatorsNicNèill, Catrìona Mòrag
ContributorsArmstrong, Timothy Currie ; Bateman, Meg ; Dunbar, Robert
PublisherUniversity of the Highlands and Islands
Source SetsEthos UK
Detected LanguageEnglish
TypeElectronic Thesis or Dissertation
Sourcehttp://digitool.abdn.ac.uk:80/webclient/DeliveryManager?pid=238537

Page generated in 0.002 seconds