Return to search

An Gaidheal, a'Ghaidhlig agus a'Ghaidhealtachd anns an t-seachdamh linn deug

Anns a'cheud leth de'n trächdas, tha mi a' toirt tarraing air an t-suidheachadh ann an Eirinn, carson a ghabh na Gäidheil thall ri ideblas steidhichte cho daingeann air creideamh agus athartha, agus gu de na treithean litreachail a dh'eirich mar thoradh air an seo, nach fhaighear air an taobh seo de Shruth na Maoile. Tionndaidhear a-nuairsin a ghabhail beachd air an eachdraidh a-bhos, 's mi a'feuchainn ri barrachd solais a leigeil asteach air tachartais nan deich bliadhna air fhichead fror-thäbhachdach eadar cur-gu-buil Reachdan Idhe agus toiseach Cogaidhean nan Tri Rioghachd bho dheireadh nan 1630an air adhart. Bithidh mi a'coimhead air na h-aobharan - an dä chuid aobharan geärrthreimhseach agus aobharan fad-threimhseach -a tha air cül nan atharrachaidhean sochmhalairteach a bha a'sior sgapadh rd nam bliadhnaichean ud. 'S iad na h-atharrachaidhean seo, agus abhuil a bh'aca air saoghal nan Gäidheal bho äm Athaiseag Theärlaich II air adhart, a bhios fainear dhomh anns an därna leth de'n t-saothair. Bha an Gaidheal a'sior ghabhail barrachd de'n t-saoghal fo 'shröin, ach aig an aon äm - gu dearbh, gu ire mhöir mar thoradh air na h-atharrachaidhean ud - ghreimich e na bu theinne ri särbheachdan an t-seann shaoghail. Air cül an t-suidheachaidh seo tha iomagain fhasmhor mu na bliadhnaichean ri teachd, äm, a-reir coltais, 'nuair nach biodh röl aig na Gaidheil idir; agus cuideachd mu dhol-sios a'choluadair ghaisgeil a bha mar bhonnsteidh do'n fhein-iomhaigh aca, gu sönraichte do dh'fhein-iomhaigh nam fireannach. Gu ire co-dhiü, b'ann mar thoradh air an iomagain seo a bha aobhar nan Stiübhartach cho feillmhor a-measg nan Gäidheal anns a'cheud leth de'n ochdamh linn deug. Chunnaic mi iomchaidh dä shleachd - mu fhäs obair na creachadaireachd -a ghleidheadh 's a chur ris an trächdas mar eärr-rädh.

Identiferoai:union.ndltd.org:bl.uk/oai:ethos.bl.uk:543577
Date January 1997
CreatorsStiubhart, Domhnall Uilleam
PublisherUniversity of Edinburgh
Source SetsEthos UK
Detected LanguageEnglish
TypeElectronic Thesis or Dissertation

Page generated in 0.0018 seconds