{"id":{"repo_id":"glasgow","oai_identifier":"oai:theses.gla.ac.uk:3380"},"canonical_url":"https://search.ndltd.org/etd/glasgow/oai:theses.gla.ac.uk:3380","repository":{"repo_id":"glasgow","name":"University of Glasgow","base_url":"https://theses.gla.ac.uk/cgi/oai2"},"display":{"title":"Baird agus bana-bhaird a' Bhaile Shear thairis air an 19mh linn agus an 20mh linn: orain is dain neo-fhoillsichte agus an co-theacsa","abstract":"Tha cuid de dh’òrain agus dàin bàird agus bana-bhàird a’ Bhaile Shear nach maireann, bhon 19mh agus an 20mh linn, agus gu h-àraidh an dualchas a chaidh còmhla riutha, ann an cunnart bhon a dhol air chall gu bràth tro bhàs neo dhiochuimhn’, ’s gun a’ mhòr-chuid dhem fiosrachadh ach air cuimhne duine neo dithis den fheadhainn as sine a bhuineas dhan eilean seo de dh’Uibhist a Tuath. Gus nach tachair an leithid, tha an tràchdas seo a’ glèidheadh 24 òrain agus dàin, a chaidh a dhèanamh eadar an 19mh agus an 20mh linn le naoinear bhàird agus bhana-bhàird bhon eilean fhèin, dìreach mar a chaidh an clàradh bho luchd-bratha anns a’ bhliadhna a dh’fhalbh, neo mar a fhuarte iad bho sheann chlàran, clàran Sgoil Eòlais na h-Alba, neo corra làmh-sgrìobhainn. Chaidh clàr CD de gach fear dhiubh, air an gabhail gu traidiseanta, a chur aig cùl an tràchdais cuideachd airson am fuinn, ruitheam agus dualchainnt Ghàidhlig thùsail a shàbhaladh cuideachd. A bharrachd air an seo ghlèidheadh na b’ urrainneadh de dhualchas farsaing agus mionaideach nan òran agus dàn airson ciall ’s mìneachadh a thoirt dha na teacsaichean fhèin agus airson soilleireachadh cho cudromach ’s a bha iad do mhuinntir an eilein thairis air an dà linn seo, ’s iomadh dreuchd aca sa choimhearsnachd. Shoilleirichear cuideachd mar a chaidh na h-òrain agus dàin seo a sgaoileadh agus a chumail beò tro bheul-aithris agus mar dhualchas. Mhìnichear cudrom bàird agus bana-bhàird a’ Bhaile Shear agus an dreuchd a bh’ aca gus muinntir an eilein a fhrithealadh len cuid òrain agus dàin, gus an tàinig lùghdachadh air an iarrtas seo aig deireadh an 20mh linn, ’s na h-òrain agus dàin a’ fulang crìonadh mòr, airson an còrr den linn, air sgàth seo. Tha na h-òrain agus dàin neo-fhoillsichte sa chruinneachadh seo, agus am mìneachadh ’s an anailis a chaidh a dhèanamh orra, a’ cur ri eòlas air òrain agus dàin traidiseanta Gàidhlig, agus an àite a bha aca seo agus aig na bàird agus bana-bhàird a rinn iad, ann an aon choimhearsnachd Ghàidhealach.","abstract_html":"Tha cuid de dh’òrain agus dàin bàird agus bana-bhàird a’ Bhaile Shear nach maireann, bhon 19mh agus an 20mh linn, agus gu h-àraidh an dualchas a chaidh còmhla riutha, ann an cunnart bhon a dhol air chall gu bràth tro bhàs neo dhiochuimhn’, ’s gun a’ mhòr-chuid dhem fiosrachadh ach air cuimhne duine neo dithis den fheadhainn as sine a bhuineas dhan eilean seo de dh’Uibhist a Tuath. Gus nach tachair an leithid, tha an tràchdas seo a’ glèidheadh 24 òrain agus dàin, a chaidh a dhèanamh eadar an 19mh agus an 20mh linn le naoinear bhàird agus bhana-bhàird bhon eilean fhèin, dìreach mar a chaidh an clàradh bho luchd-bratha anns a’ bhliadhna a dh’fhalbh, neo mar a fhuarte iad bho sheann chlàran, clàran Sgoil Eòlais na h-Alba, neo corra làmh-sgrìobhainn. Chaidh clàr CD de gach fear dhiubh, air an gabhail gu traidiseanta, a chur aig cùl an tràchdais cuideachd airson am fuinn, ruitheam agus dualchainnt Ghàidhlig thùsail a shàbhaladh cuideachd. A bharrachd air an seo ghlèidheadh na b’ urrainneadh de dhualchas farsaing agus mionaideach nan òran agus dàn airson ciall ’s mìneachadh a thoirt dha na teacsaichean fhèin agus airson soilleireachadh cho cudromach ’s a bha iad do mhuinntir an eilein thairis air an dà linn seo, ’s iomadh dreuchd aca sa choimhearsnachd. Shoilleirichear cuideachd mar a chaidh na h-òrain agus dàin seo a sgaoileadh agus a chumail beò tro bheul-aithris agus mar dhualchas. Mhìnichear cudrom bàird agus bana-bhàird a’ Bhaile Shear agus an dreuchd a bh’ aca gus muinntir an eilein a fhrithealadh len cuid òrain agus dàin, gus an tàinig lùghdachadh air an iarrtas seo aig deireadh an 20mh linn, ’s na h-òrain agus dàin a’ fulang crìonadh mòr, airson an còrr den linn, air sgàth seo. Tha na h-òrain agus dàin neo-fhoillsichte sa chruinneachadh seo, agus am mìneachadh ’s an anailis a chaidh a dhèanamh orra, a’ cur ri eòlas air òrain agus dàin traidiseanta Gàidhlig, agus an àite a bha aca seo agus aig na bàird agus bana-bhàird a rinn iad, ann an aon choimhearsnachd Ghàidhealach.","abstract_has_math":false,"creators":["NicLeóid, Linda"],"institution":"University of Glasgow","degree_name":null,"degree_level":"MPhil(R)","degree_discipline":null,"degree_department":null,"school":null,"contributors":[],"advisors":[],"committee_chairs":[],"committee_members":[],"year":2012,"date_issued":"2012","date_published":"2012","updated_at":"2026-11-19T08:22:03Z","subjects":["P Philology. Linguistics"],"languages":["en"],"rights":[],"rights_urls":[],"identifier_entries":[],"person_identifier_entries":[]},"links":{"outbound_url":"https://theses.gla.ac.uk/3380/2/2011macleodmphil_paipear-taic_2%28a%29.jpg","outbound_label":"Repository record","outbound_source":"dc:identifier.uri","record_url":"https://theses.gla.ac.uk/3380/2/2011macleodmphil_paipear-taic_2%28a%29.jpg","record_label":"Repository record","record_kind":"record","record_source":"dc:identifier.uri","download_url":"https://theses.gla.ac.uk/3380/1/2011macleodmphil.pdf","download_label":"Download PDF","download_source":"dc:identifier.uri","access_status":null,"embargo_until":null,"access_note":null},"source_record":{"url":"https://theses.gla.ac.uk/cgi/oai2?verb=GetRecord&metadataPrefix=uketd_dc&identifier=oai%3Atheses.gla.ac.uk%3A3380","prefix":"uketd_dc"},"metadata_groups":[{"id":"people","label":"People","entries":[{"key":"dc:creator","label":"Author","values":["NicLeóid, Linda"]}]},{"id":"academic_context","label":"Academic Context","entries":[{"key":"dc:date","label":"Dc Date","values":["2012"]},{"key":"dc:date.issued","label":"Date","values":["2012"]},{"key":"dc:publisher.institution","label":"Dc Publisher Institution","values":["University of Glasgow"]},{"key":"dc:relation.isreferencedby","label":"Dc Relation Isreferencedby","values":["https://theses.gla.ac.uk/3380/"]},{"key":"dc:relation.isreferencedby.uri","label":"Dc Relation Isreferencedby URI","values":["https://gla.on.worldcat.org/oclc/795626384"]},{"key":"dc:type","label":"Dc Type","values":["Thesis"]},{"key":"dc:type.qualificationlevel","label":"Dc Type Qualificationlevel","values":["MPhil(R)"]}]},{"id":"subjects_keywords","label":"Subjects and Keywords","entries":[{"key":"dc:subject","label":"Dc Subject","values":["P Philology. Linguistics"]}]},{"id":"language_rights","label":"Language and Rights","entries":[{"key":"dc:language","label":"Dc Language","values":["en"]}]},{"id":"identifiers","label":"Identifiers","entries":[{"key":"dc:identifier.uri","label":"Identifier URI","values":["https://theses.gla.ac.uk/3380/1/2011macleodmphil.pdf","https://theses.gla.ac.uk/3380/2/2011macleodmphil_paipear-taic_2%28a%29.jpg"]}]},{"id":"additional","label":"Additional Metadata","entries":[{"key":"dc:description.abstract","label":"Abstract","values":["Tha cuid de dh’òrain agus dàin bàird agus bana-bhàird a’ Bhaile Shear nach maireann, bhon 19mh agus an 20mh linn, agus gu h-àraidh an dualchas a chaidh còmhla riutha, ann an cunnart bhon a dhol air chall gu bràth tro bhàs neo dhiochuimhn’, ’s gun a’ mhòr-chuid dhem fiosrachadh ach air cuimhne duine neo dithis den fheadhainn as sine a bhuineas dhan eilean seo de dh’Uibhist a Tuath. Gus nach tachair an leithid, tha an tràchdas seo a’ glèidheadh 24 òrain agus dàin, a chaidh a dhèanamh eadar an 19mh agus an 20mh linn le naoinear bhàird agus bhana-bhàird bhon eilean fhèin, dìreach mar a chaidh an clàradh bho luchd-bratha anns a’ bhliadhna a dh’fhalbh, neo mar a fhuarte iad bho sheann chlàran, clàran Sgoil Eòlais na h-Alba, neo corra làmh-sgrìobhainn. Chaidh clàr CD de gach fear dhiubh, air an gabhail gu traidiseanta, a chur aig cùl an tràchdais cuideachd airson am fuinn, ruitheam agus dualchainnt Ghàidhlig thùsail a shàbhaladh cuideachd. A bharrachd air an seo ghlèidheadh na b’ urrainneadh de dhualchas farsaing agus mionaideach nan òran agus dàn airson ciall ’s mìneachadh a thoirt dha na teacsaichean fhèin agus airson soilleireachadh cho cudromach ’s a bha iad do mhuinntir an eilein thairis air an dà linn seo, ’s iomadh dreuchd aca sa choimhearsnachd. Shoilleirichear cuideachd mar a chaidh na h-òrain agus dàin seo a sgaoileadh agus a chumail beò tro bheul-aithris agus mar dhualchas. Mhìnichear cudrom bàird agus bana-bhàird a’ Bhaile Shear agus an dreuchd a bh’ aca gus muinntir an eilein a fhrithealadh len cuid òrain agus dàin, gus an tàinig lùghdachadh air an iarrtas seo aig deireadh an 20mh linn, ’s na h-òrain agus dàin a’ fulang crìonadh mòr, airson an còrr den linn, air sgàth seo. Tha na h-òrain agus dàin neo-fhoillsichte sa chruinneachadh seo, agus am mìneachadh ’s an anailis a chaidh a dhèanamh orra, a’ cur ri eòlas air òrain agus dàin traidiseanta Gàidhlig, agus an àite a bha aca seo agus aig na bàird agus bana-bhàird a rinn iad, ann an aon choimhearsnachd Ghàidhealach."]},{"key":"dc:format","label":"Dc Format","values":["application/pdf","multimedia"]},{"key":"dcterms:accessrights","label":"Dcterms Accessrights","values":["public"]},{"key":"dc:title","label":"Title","values":["Baird agus bana-bhaird a' Bhaile Shear thairis air an 19mh linn agus an 20mh linn: orain is dain neo-fhoillsichte agus an co-theacsa"]}]}],"canonical_facts":{"dc:creator":["NicLeóid, Linda"],"dc:date":["2012"],"dc:date.issued":["2012"],"dc:description.abstract":["Tha cuid de dh’òrain agus dàin bàird agus bana-bhàird a’ Bhaile Shear nach maireann, bhon 19mh agus an 20mh linn, agus gu h-àraidh an dualchas a chaidh còmhla riutha, ann an cunnart bhon a dhol air chall gu bràth tro bhàs neo dhiochuimhn’, ’s gun a’ mhòr-chuid dhem fiosrachadh ach air cuimhne duine neo dithis den fheadhainn as sine a bhuineas dhan eilean seo de dh’Uibhist a Tuath. Gus nach tachair an leithid, tha an tràchdas seo a’ glèidheadh 24 òrain agus dàin, a chaidh a dhèanamh eadar an 19mh agus an 20mh linn le naoinear bhàird agus bhana-bhàird bhon eilean fhèin, dìreach mar a chaidh an clàradh bho luchd-bratha anns a’ bhliadhna a dh’fhalbh, neo mar a fhuarte iad bho sheann chlàran, clàran Sgoil Eòlais na h-Alba, neo corra làmh-sgrìobhainn. Chaidh clàr CD de gach fear dhiubh, air an gabhail gu traidiseanta, a chur aig cùl an tràchdais cuideachd airson am fuinn, ruitheam agus dualchainnt Ghàidhlig thùsail a shàbhaladh cuideachd. A bharrachd air an seo ghlèidheadh na b’ urrainneadh de dhualchas farsaing agus mionaideach nan òran agus dàn airson ciall ’s mìneachadh a thoirt dha na teacsaichean fhèin agus airson soilleireachadh cho cudromach ’s a bha iad do mhuinntir an eilein thairis air an dà linn seo, ’s iomadh dreuchd aca sa choimhearsnachd. Shoilleirichear cuideachd mar a chaidh na h-òrain agus dàin seo a sgaoileadh agus a chumail beò tro bheul-aithris agus mar dhualchas. Mhìnichear cudrom bàird agus bana-bhàird a’ Bhaile Shear agus an dreuchd a bh’ aca gus muinntir an eilein a fhrithealadh len cuid òrain agus dàin, gus an tàinig lùghdachadh air an iarrtas seo aig deireadh an 20mh linn, ’s na h-òrain agus dàin a’ fulang crìonadh mòr, airson an còrr den linn, air sgàth seo. Tha na h-òrain agus dàin neo-fhoillsichte sa chruinneachadh seo, agus am mìneachadh ’s an anailis a chaidh a dhèanamh orra, a’ cur ri eòlas air òrain agus dàin traidiseanta Gàidhlig, agus an àite a bha aca seo agus aig na bàird agus bana-bhàird a rinn iad, ann an aon choimhearsnachd Ghàidhealach."],"dc:format":["application/pdf","multimedia"],"dc:identifier.uri":["https://theses.gla.ac.uk/3380/1/2011macleodmphil.pdf","https://theses.gla.ac.uk/3380/2/2011macleodmphil_paipear-taic_2%28a%29.jpg"],"dc:language":["en"],"dc:publisher.institution":["University of Glasgow"],"dc:relation.isreferencedby":["https://theses.gla.ac.uk/3380/"],"dc:relation.isreferencedby.uri":["https://gla.on.worldcat.org/oclc/795626384"],"dc:subject":["P Philology. Linguistics"],"dcterms:accessrights":["public"],"dc:title":["Baird agus bana-bhaird a' Bhaile Shear thairis air an 19mh linn agus an 20mh linn: orain is dain neo-fhoillsichte agus an co-theacsa"],"dc:type":["Thesis"],"dc:type.qualificationlevel":["MPhil(R)"]},"updated_at":"2026-11-19T08:22:03Z"}