{"id":{"repo_id":"glasgow","oai_identifier":"oai:theses.gla.ac.uk:6100"},"canonical_url":"https://search.ndltd.org/etd/glasgow/oai:theses.gla.ac.uk:6100","repository":{"repo_id":"glasgow","name":"University of Glasgow","base_url":"https://theses.gla.ac.uk/cgi/oai2"},"display":{"title":"An dàn fada Gàidhealach - 1900-1950: sgrùdadh ioma-chuspaireil air corpas air dìochuimhne","abstract":"Tha an tràchdas seo a’ coimhead air buidheann de dhàin fhada a nochd aig toiseach an fhicheadaimh linn. Cha deach cus ùidh a shealltainn sna dàin seo bho sgrùdairean Gàidhealachadh sa chiad dol a-mach. Bho chrìoch an fhicheadamh linn, tha ùidh air nochdadh sna dàin seo a-rithist, gu h-àraidh An Cuilithionn, Aeòlus agus Balg agus Mochtàr is Dùghall. Ach ’s e an tràchdas seo a’ chiad sgrùdadh domhain air a’ bhuidheann seo de dhàin nan aonar. Gus an rannsachadh seo a dhèanamh thèid corpas a lorg am measg leabhraichean agus irisean bhon àm, agus na co-chruinneachaidhean a chaidh fhoillseachadh nas anmoiche. Thèid taghadh a dhèanamh a tha a’ riochdachadh prìomh fheartan nan dàn seo. Thèid rannsachadh a dhèanamh air cuid de dh’eisimpleirean bhon 18mh agus 19mh linn ann an Caibideil 2. Air sgàth ’s an uidhir de shurbhaidhean nas fharsainge a tha ri fhaotainn de litreachas na Gàidhlig, seallaidh an sgrùdadh sin air feartan sònraichte. Chìthear mar a chleachd bàrdachd Mhic Mhaighstir Alasdair cruth a’ chiùil mhòir gus gnè-sònraichte ùr de dhàin fhada a chur air bog ann an 1751. Ghabhar sùil mar an ceudna air Uilleam MacDhùn-Lèibhe air tàilibh a bhuaidh air Somhairle MacGill-Eain, agus gu robh amasan nàiseantach agus socio-cànanachais an Ìlich ri fhaicinn anns a’ mhòr-chuid de bhàird a’ chorpais cuideachd. Seallaidh Caibideil 3 air na bàird fhèin, gu h-àraidh na beachdan aca agus na ceanglaichean eatorra. Bha iad seo ri fhaicinn ann an saoghal litreachais agus poilitigs. ’S e prìomh amas na h-anailisean (Caibideilean 4-10) tuigse nas fheàrr fhaighinn an dà chuid air na dàin fhèin agus air ceistean teòiriceil a tha a’ buntainn ris a’ chorpas. ’S e an dàrna amas barrachd dhòighean-obrach teòiriceil a chleachdadh sa Ghàidhlig gus bruidhinn air litreachas na cànaine. Stèidhicheadh na h-anailisean air na feartan a bha ri fhaicinn anns gach dàn, a leithid iar-phlanntachais ann am Mochtàr is Dùghall, air neo air coimeasan a bha gus tuigse nas fheàrr a thoirt seachad air a’ chorpas shlàn. Bidh na h-anailisean seo a’ dearbhadh cuid de na ceanglaichean cudromach a th’ aig litreachas na Gàidhlig ri litreachasan Eòrpach eile, air uairean airson a’ chiad uair. Tha an co-dhùnadh a’ tilleadh do sealladh nas fharsainge air a’ chorpas. Chìthear gu bheil buidheann sònraichte de dhàin ri fhaicinn bhon chiad leth den fhicheadamh linn, dàin nach deach a sgrùdadh còmhla riamh. Tha na dàin seo ceangailte ann am meud, cuspairean, iomraidhean agus amasan nam bàrd. Leasachaidh tuigse nas fheàrr air na dàin seo an t-eòlas a th’ againn air bàrdachd na Gàidhlig, gu h-àraidh sna bliadhnaichean nuair a bha na nua-bhàird a’ nochdadh an toiseach.","abstract_html":"Tha an tràchdas seo a’ coimhead air buidheann de dhàin fhada a nochd aig toiseach an fhicheadaimh linn. Cha deach cus ùidh a shealltainn sna dàin seo bho sgrùdairean Gàidhealachadh sa chiad dol a-mach. Bho chrìoch an fhicheadamh linn, tha ùidh air nochdadh sna dàin seo a-rithist, gu h-àraidh An Cuilithionn, Aeòlus agus Balg agus Mochtàr is Dùghall. Ach ’s e an tràchdas seo a’ chiad sgrùdadh domhain air a’ bhuidheann seo de dhàin nan aonar. Gus an rannsachadh seo a dhèanamh thèid corpas a lorg am measg leabhraichean agus irisean bhon àm, agus na co-chruinneachaidhean a chaidh fhoillseachadh nas anmoiche. Thèid taghadh a dhèanamh a tha a’ riochdachadh prìomh fheartan nan dàn seo. Thèid rannsachadh a dhèanamh air cuid de dh’eisimpleirean bhon 18mh agus 19mh linn ann an Caibideil 2. Air sgàth ’s an uidhir de shurbhaidhean nas fharsainge a tha ri fhaotainn de litreachas na Gàidhlig, seallaidh an sgrùdadh sin air feartan sònraichte. Chìthear mar a chleachd bàrdachd Mhic Mhaighstir Alasdair cruth a’ chiùil mhòir gus gnè-sònraichte ùr de dhàin fhada a chur air bog ann an 1751. Ghabhar sùil mar an ceudna air Uilleam MacDhùn-Lèibhe air tàilibh a bhuaidh air Somhairle MacGill-Eain, agus gu robh amasan nàiseantach agus socio-cànanachais an Ìlich ri fhaicinn anns a’ mhòr-chuid de bhàird a’ chorpais cuideachd. Seallaidh Caibideil 3 air na bàird fhèin, gu h-àraidh na beachdan aca agus na ceanglaichean eatorra. Bha iad seo ri fhaicinn ann an saoghal litreachais agus poilitigs. ’S e prìomh amas na h-anailisean (Caibideilean 4-10) tuigse nas fheàrr fhaighinn an dà chuid air na dàin fhèin agus air ceistean teòiriceil a tha a’ buntainn ris a’ chorpas. ’S e an dàrna amas barrachd dhòighean-obrach teòiriceil a chleachdadh sa Ghàidhlig gus bruidhinn air litreachas na cànaine. Stèidhicheadh na h-anailisean air na feartan a bha ri fhaicinn anns gach dàn, a leithid iar-phlanntachais ann am Mochtàr is Dùghall, air neo air coimeasan a bha gus tuigse nas fheàrr a thoirt seachad air a’ chorpas shlàn. Bidh na h-anailisean seo a’ dearbhadh cuid de na ceanglaichean cudromach a th’ aig litreachas na Gàidhlig ri litreachasan Eòrpach eile, air uairean airson a’ chiad uair. Tha an co-dhùnadh a’ tilleadh do sealladh nas fharsainge air a’ chorpas. Chìthear gu bheil buidheann sònraichte de dhàin ri fhaicinn bhon chiad leth den fhicheadamh linn, dàin nach deach a sgrùdadh còmhla riamh. Tha na dàin seo ceangailte ann am meud, cuspairean, iomraidhean agus amasan nam bàrd. Leasachaidh tuigse nas fheàrr air na dàin seo an t-eòlas a th’ againn air bàrdachd na Gàidhlig, gu h-àraidh sna bliadhnaichean nuair a bha na nua-bhàird a’ nochdadh an toiseach.","abstract_has_math":false,"creators":["Mac Leòid, Aonghas Uilleam Gearóid"],"institution":"University of Glasgow","degree_name":null,"degree_level":"PhD","degree_discipline":null,"degree_department":null,"school":null,"contributors":[],"advisors":[],"committee_chairs":[],"committee_members":[],"year":2014,"date_issued":"2014","date_published":"2014","updated_at":"2026-11-19T08:24:05Z","subjects":["PB1501 Scottish Gaelic Language","PN0080 Criticism","PN0441 Literary History"],"languages":["en"],"rights":[],"rights_urls":[],"identifier_entries":[],"person_identifier_entries":[]},"links":{"outbound_url":null,"outbound_label":null,"outbound_source":null,"record_url":null,"record_label":null,"record_kind":null,"record_source":null,"download_url":"https://theses.gla.ac.uk/6100/1/2014macle%C3%B2idphd.pdf","download_label":"Download PDF","download_source":"dc:identifier.uri","access_status":null,"embargo_until":null,"access_note":null},"source_record":{"url":"https://theses.gla.ac.uk/cgi/oai2?verb=GetRecord&metadataPrefix=uketd_dc&identifier=oai%3Atheses.gla.ac.uk%3A6100","prefix":"uketd_dc"},"metadata_groups":[{"id":"people","label":"People","entries":[{"key":"dc:creator","label":"Author","values":["Mac Leòid, Aonghas Uilleam Gearóid"]}]},{"id":"academic_context","label":"Academic Context","entries":[{"key":"dc:date","label":"Dc Date","values":["2014"]},{"key":"dc:date.issued","label":"Date","values":["2014"]},{"key":"dc:publisher.institution","label":"Dc Publisher Institution","values":["University of Glasgow"]},{"key":"dc:relation.isreferencedby","label":"Dc Relation Isreferencedby","values":["https://theses.gla.ac.uk/6100/"]},{"key":"dc:relation.isreferencedby.uri","label":"Dc Relation Isreferencedby URI","values":["https://gla.on.worldcat.org/oclc/905885429"]},{"key":"dc:type","label":"Dc Type","values":["Thesis"]},{"key":"dc:type.qualificationlevel","label":"Dc Type Qualificationlevel","values":["PhD"]}]},{"id":"subjects_keywords","label":"Subjects and Keywords","entries":[{"key":"dc:subject","label":"Dc Subject","values":["PB1501 Scottish Gaelic Language","PN0080 Criticism","PN0441 Literary History"]}]},{"id":"language_rights","label":"Language and Rights","entries":[{"key":"dc:language","label":"Dc Language","values":["en"]}]},{"id":"identifiers","label":"Identifiers","entries":[{"key":"dc:identifier.uri","label":"Identifier URI","values":["https://theses.gla.ac.uk/6100/1/2014macle%C3%B2idphd.pdf"]}]},{"id":"additional","label":"Additional Metadata","entries":[{"key":"dc:description.abstract","label":"Abstract","values":["Tha an tràchdas seo a’ coimhead air buidheann de dhàin fhada a nochd aig toiseach an fhicheadaimh linn. Cha deach cus ùidh a shealltainn sna dàin seo bho sgrùdairean Gàidhealachadh sa chiad dol a-mach. Bho chrìoch an fhicheadamh linn, tha ùidh air nochdadh sna dàin seo a-rithist, gu h-àraidh An Cuilithionn, Aeòlus agus Balg agus Mochtàr is Dùghall. Ach ’s e an tràchdas seo a’ chiad sgrùdadh domhain air a’ bhuidheann seo de dhàin nan aonar. Gus an rannsachadh seo a dhèanamh thèid corpas a lorg am measg leabhraichean agus irisean bhon àm, agus na co-chruinneachaidhean a chaidh fhoillseachadh nas anmoiche. Thèid taghadh a dhèanamh a tha a’ riochdachadh prìomh fheartan nan dàn seo. Thèid rannsachadh a dhèanamh air cuid de dh’eisimpleirean bhon 18mh agus 19mh linn ann an Caibideil 2. Air sgàth ’s an uidhir de shurbhaidhean nas fharsainge a tha ri fhaotainn de litreachas na Gàidhlig, seallaidh an sgrùdadh sin air feartan sònraichte. Chìthear mar a chleachd bàrdachd Mhic Mhaighstir Alasdair cruth a’ chiùil mhòir gus gnè-sònraichte ùr de dhàin fhada a chur air bog ann an 1751. Ghabhar sùil mar an ceudna air Uilleam MacDhùn-Lèibhe air tàilibh a bhuaidh air Somhairle MacGill-Eain, agus gu robh amasan nàiseantach agus socio-cànanachais an Ìlich ri fhaicinn anns a’ mhòr-chuid de bhàird a’ chorpais cuideachd. Seallaidh Caibideil 3 air na bàird fhèin, gu h-àraidh na beachdan aca agus na ceanglaichean eatorra. Bha iad seo ri fhaicinn ann an saoghal litreachais agus poilitigs. ’S e prìomh amas na h-anailisean (Caibideilean 4-10) tuigse nas fheàrr fhaighinn an dà chuid air na dàin fhèin agus air ceistean teòiriceil a tha a’ buntainn ris a’ chorpas. ’S e an dàrna amas barrachd dhòighean-obrach teòiriceil a chleachdadh sa Ghàidhlig gus bruidhinn air litreachas na cànaine. Stèidhicheadh na h-anailisean air na feartan a bha ri fhaicinn anns gach dàn, a leithid iar-phlanntachais ann am Mochtàr is Dùghall, air neo air coimeasan a bha gus tuigse nas fheàrr a thoirt seachad air a’ chorpas shlàn. Bidh na h-anailisean seo a’ dearbhadh cuid de na ceanglaichean cudromach a th’ aig litreachas na Gàidhlig ri litreachasan Eòrpach eile, air uairean airson a’ chiad uair. Tha an co-dhùnadh a’ tilleadh do sealladh nas fharsainge air a’ chorpas. Chìthear gu bheil buidheann sònraichte de dhàin ri fhaicinn bhon chiad leth den fhicheadamh linn, dàin nach deach a sgrùdadh còmhla riamh. Tha na dàin seo ceangailte ann am meud, cuspairean, iomraidhean agus amasan nam bàrd. Leasachaidh tuigse nas fheàrr air na dàin seo an t-eòlas a th’ againn air bàrdachd na Gàidhlig, gu h-àraidh sna bliadhnaichean nuair a bha na nua-bhàird a’ nochdadh an toiseach."]},{"key":"dc:format","label":"Dc Format","values":["pdf"]},{"key":"dcterms:accessrights","label":"Dcterms Accessrights","values":["public"]},{"key":"dc:title","label":"Title","values":["An dàn fada Gàidhealach - 1900-1950: sgrùdadh ioma-chuspaireil air corpas air dìochuimhne"]}]}],"canonical_facts":{"dc:creator":["Mac Leòid, Aonghas Uilleam Gearóid"],"dc:date":["2014"],"dc:date.issued":["2014"],"dc:description.abstract":["Tha an tràchdas seo a’ coimhead air buidheann de dhàin fhada a nochd aig toiseach an fhicheadaimh linn. Cha deach cus ùidh a shealltainn sna dàin seo bho sgrùdairean Gàidhealachadh sa chiad dol a-mach. Bho chrìoch an fhicheadamh linn, tha ùidh air nochdadh sna dàin seo a-rithist, gu h-àraidh An Cuilithionn, Aeòlus agus Balg agus Mochtàr is Dùghall. Ach ’s e an tràchdas seo a’ chiad sgrùdadh domhain air a’ bhuidheann seo de dhàin nan aonar. Gus an rannsachadh seo a dhèanamh thèid corpas a lorg am measg leabhraichean agus irisean bhon àm, agus na co-chruinneachaidhean a chaidh fhoillseachadh nas anmoiche. Thèid taghadh a dhèanamh a tha a’ riochdachadh prìomh fheartan nan dàn seo. Thèid rannsachadh a dhèanamh air cuid de dh’eisimpleirean bhon 18mh agus 19mh linn ann an Caibideil 2. Air sgàth ’s an uidhir de shurbhaidhean nas fharsainge a tha ri fhaotainn de litreachas na Gàidhlig, seallaidh an sgrùdadh sin air feartan sònraichte. Chìthear mar a chleachd bàrdachd Mhic Mhaighstir Alasdair cruth a’ chiùil mhòir gus gnè-sònraichte ùr de dhàin fhada a chur air bog ann an 1751. Ghabhar sùil mar an ceudna air Uilleam MacDhùn-Lèibhe air tàilibh a bhuaidh air Somhairle MacGill-Eain, agus gu robh amasan nàiseantach agus socio-cànanachais an Ìlich ri fhaicinn anns a’ mhòr-chuid de bhàird a’ chorpais cuideachd. Seallaidh Caibideil 3 air na bàird fhèin, gu h-àraidh na beachdan aca agus na ceanglaichean eatorra. Bha iad seo ri fhaicinn ann an saoghal litreachais agus poilitigs. ’S e prìomh amas na h-anailisean (Caibideilean 4-10) tuigse nas fheàrr fhaighinn an dà chuid air na dàin fhèin agus air ceistean teòiriceil a tha a’ buntainn ris a’ chorpas. ’S e an dàrna amas barrachd dhòighean-obrach teòiriceil a chleachdadh sa Ghàidhlig gus bruidhinn air litreachas na cànaine. Stèidhicheadh na h-anailisean air na feartan a bha ri fhaicinn anns gach dàn, a leithid iar-phlanntachais ann am Mochtàr is Dùghall, air neo air coimeasan a bha gus tuigse nas fheàrr a thoirt seachad air a’ chorpas shlàn. Bidh na h-anailisean seo a’ dearbhadh cuid de na ceanglaichean cudromach a th’ aig litreachas na Gàidhlig ri litreachasan Eòrpach eile, air uairean airson a’ chiad uair. Tha an co-dhùnadh a’ tilleadh do sealladh nas fharsainge air a’ chorpas. Chìthear gu bheil buidheann sònraichte de dhàin ri fhaicinn bhon chiad leth den fhicheadamh linn, dàin nach deach a sgrùdadh còmhla riamh. Tha na dàin seo ceangailte ann am meud, cuspairean, iomraidhean agus amasan nam bàrd. Leasachaidh tuigse nas fheàrr air na dàin seo an t-eòlas a th’ againn air bàrdachd na Gàidhlig, gu h-àraidh sna bliadhnaichean nuair a bha na nua-bhàird a’ nochdadh an toiseach."],"dc:format":["pdf"],"dc:identifier.uri":["https://theses.gla.ac.uk/6100/1/2014macle%C3%B2idphd.pdf"],"dc:language":["en"],"dc:publisher.institution":["University of Glasgow"],"dc:relation.isreferencedby":["https://theses.gla.ac.uk/6100/"],"dc:relation.isreferencedby.uri":["https://gla.on.worldcat.org/oclc/905885429"],"dc:subject":["PB1501 Scottish Gaelic Language","PN0080 Criticism","PN0441 Literary History"],"dcterms:accessrights":["public"],"dc:title":["An dàn fada Gàidhealach - 1900-1950: sgrùdadh ioma-chuspaireil air corpas air dìochuimhne"],"dc:type":["Thesis"],"dc:type.qualificationlevel":["PhD"]},"updated_at":"2026-11-19T08:24:05Z"}