• Refine Query
  • Source
  • Publication year
  • to
  • Language
  • No language data
  • Tagged with
  • 1
  • 1
  • 1
  • 1
  • About
  • The Global ETD Search service is a free service for researchers to find electronic theses and dissertations. This service is provided by the Networked Digital Library of Theses and Dissertations.
    Our metadata is collected from universities around the world. If you manage a university/consortium/country archive and want to be added, details can be found on the NDLTD website.
1

'Heather and hill and Highland cattle' : ath-mheasadh air ìomhaighean den Ghàidhealtachd, c. 1850-1910

MacDougall, Eleanor Barbara January 2016 (has links)
Tha an t-ath-mheasadh a' sònrachadh cuideam sòisealta 'na Gàidhealtachd mar shealladh': ma leughar an snàithlean gu faiceallach, cuiridh e ri tuigse air an dàimh eadar na daoine mòra agus na Gàidheil tro bhreisleach na naoidheamh linn deug. Tha an gnàthnòs air a chùlaibh a' dèanamh cron air dearbh-aithne nan Gàidheal, ge-tà. Ann am peantadh, chaidh cumhachd a' ghnàth-nòis sin a bhriseadh leis 'a' Ghàidhealtachd mar dhualchas'. 'S ann tron dòigh-fhradhairc seo a bu chòir traidiseanan lèirsinneach na Gàidhealtachd a thaisbeanadh san latha an-diugh. Tron dàrna leth den naoidheamh linn deug, tharraing cruth-tìre na Gàidhealtachd ceudan de luchd-ealain. Gu tric, dhealbhaich iad an roinn mar àite sìtheil bòidheach anns an d'fhuaras co-luadair 'fa leth' stèidhichte traidiseanta. Dh'ùisnich peantairean grunn de dh'fhoirmlean ann a bhith a' dèanamh seo. Ro mheadhan na ficheadamh linn, chaidh na foirmlean seo aithneachadh leis na breithnichean-ealain mar 'an gnàth-nòs Gàidhealach'. Chaidh a chumail a-mach leotha gun robh an gnàth-nòs ath-aithriseach ro-mhaothinntinneach, agus nach do riochdaich e atharrachaidhean na naoidheamh linn deug air a' Ghàidhealtachd. Tha an tràchdas seo ag ùisneachadh teòraidhean nan saidheansan sòisealta gus athmheasadh a dhèanamh air ìomhaighean na trèimhse. Tha e a' tagradh gun robh dà shnàithlean aig na dealbhan-tìre den Ghàidhealtachd. B' e 'a' Ghàidhealtachd mar shealladh' a bh' anns an dàrna fear agus thaisbean e mì-thuigse air co-luadair na roinne. Chaidh a leasachadh tro phròiseas-cuairteachaidh agus bha àite aige ann a bhith a' daingneachadh gnàth-nòs air an do chuir uachdarain na Gàidhealtachd tùs. B' e 'a' Ghàidhealtachd mar dhualchas' a bh' anns an t-snàithlean eile. Dh'èirich i a-mach à traidisean peantaidh na h-Alba agus rannsaich i an dàimh eadar na Gàidheil, an àrainneachd nàdarrach agus tìm. B' e fìor aomadh-ealain a bh' innte: tha àite cudromach aice ann an eachdraidh-ealain na Gàidhealtachd, agus lorgar i cuideachd ann an eachdraidh-ealain Eòrpaich nas fharsainge.

Page generated in 0.3935 seconds