Back to search

University of Glasgow

Litreachas na Gàidhlig à Sealann Nuadh

Abstract

dc:description.abstract

Geàrr-chunntas Tha an rannsachadh seo a’ sgrùdadh eilthireachd agus tuineachadh ann an Sealann Nuadh eadar 1850 agus 1914 tro phrosbaig Ghàidhealach. Thathar a’ cleachdadh phrìomh-thùsan Gàidhlig à Sealann Nuadh airson anailis a dhèanamh air fèin-fhiosrachadh nan Gàidheal ann a bhith a’ siubhal gu, a’ tuineachadh ann an Sealann Nuadh. Chaidh prìomh-thùsan a chleachdadh a ghabhas cruth colbhan irisean, litrichean, leabhranan, agus cairt-phuist. Gus dealbh iomlan fhaighinn air an litreachas Gàidhlig a tha ann agus so-ruigsinneach ann an Sealann Nuadh, thèid sùil a thoirt air na culaidhean-brosnachaidh a tha air cùl stèidheachadh a’ chorpais-litreachais. Tha susbaint an litreachais ga mheasadh a thaobh na buaidhe a bha aig an t-seann dùthaich, buaidh na dùthcha ùire, agus buaidh eilthireachd air inntinn nan Gàidheal. Tha an dòigh-obrach sin ga dhèanamh comasach amas an litreachais a sgrùdadh. Cuirear gu deuchainn trì coltachdan; ’s i a’ chiad dhiubh gun deach litreachas Gàidhlig a chruthachadh ann an Sealann Nuadh mar thoradh air iomairt mearachdan agus aimhreit a bha air èirigh ann am Breatainn tron 18mh agus 19mh linn a sheachnadh; tha an dàrna coltachd a’ cur mun aire gum b’ i an dùthaich ùr, freagarrachd a h-àrainneachd agus pailteas a goireasan nàdarra, a thug an t-saorsa do na Gàidheil litreachas a chruthachadh agus am fèin-aithne a dhaingneachadh; mu dheireadh thall, thathar a’ deasbad gur e eilthireachd, thairis air a h-uile factar eile, a dheimhinnich stèidheachadh agus cuspair litreachas na Gàidhlig ann an Sealann Nuadh.

Degree

thesis:*
Level dc:type.qualificationlevel
MPhil(R)
Grantor dc:publisher.institution
University of Glasgow
Year dc:date.issued
2019

Author and committee

dc:creator, dc:contributor.*
Author dc:creator
  • Marker, Viktoria

Subjects

dc:subject × 1

Rights

Language dc:language
en

Identifiers

dc:identifier.*

Chain of custody

source
Harvested from
University of Glasgow
Base URL
theses.gla.ac.uk/cgi/oai2
Last updated
2026-11-19
Source record
OAI-PMH GetRecord
citation

Marker, Viktoria. Litreachas na Gàidhlig à Sealann Nuadh. MPhil(R) thesis, University of Glasgow, 2019. https://doi.org/10.5525/gla.thesis.40943