Back to search

University of Glasgow

Cleachdaidhean creideimh nan Gàidheal Caitligeach sna h-Eileanan Siar mu dheas bho dheireadh na 19mh linn gus an latha an-diugh

Abstract

dc:description.abstract

Cuiridh an tràchdas seo roinn de chleachdaidhean creideimh Chaitligich nan Eilean Siar mu dheas bhon naoidheamh linn deug gus an latha an-diugh, agus an seanchas a tha mu thimcheall orra, fon phrosbaig. Thuige seo, tha na cleachdaidhean seo air a bhith gan taisbeanadh gu tric ann an dòigh a bhios a’ freagairt ri adhbharan an luchd-aithris fhèin. Tro sgrùdadh iomadh-thùsach a bhios a’ tarraing air tobraichean sgrìobhte, notaichean tùsail luchd-cruinnichidh beul-aithris, clàraidhean bho thasglannan nach deach tar-sgrìobhadh thuige seo agus agallamhan ùra le Caitligich nan Eilean, thèid sealltainn gum faodar na cleachdaidhean seo fhaicinn mar lòcasan creideimh far a bheil luachan na h-Eaglaise Caitligich agus feartan na coimhearsnachd ionadail a’ tighinn còmhla. Bheir gach caibideil dhen tràchdas seo sùil air lòcas creideimh a tha cudromach ann an an dualchas Caitligich nan Eilean: An Aifreann; cràbhadh don Òigh Mhoire; ùrnaighean aig an taigh; cràbhaidhean poblach; seanchas mu shagairt; sgeulachdan apocraphach; agus cleachdaidhean mu thimcheall air uisge coisrigte. Le bhith a’ cur nan cleachdaidhean seo ann an co-theagsa ghluasadan san Eaglais Chaitligich agus a’ toirt prìomhachas do bheachdan Caitligich nan Eilean fhèin mu an dèidhinn, cuiridh an tràchas seo an gleans “Ceilteach” a th’ air na cleachdaidhean seo dhan dàrna taobh gus solas a thilgeil orra mar lòcasan creideimh far a bheil luachan coimhearsnachdan Caitligeach nan Eilean air an cur an cèill.

Degree

thesis:*
Level dc:type.qualificationlevel
PhD
Grantor dc:publisher.institution
University of Glasgow
Year dc:date.issued
2024

Author and committee

dc:creator, dc:contributor.*
Author dc:creator
  • Reddy, Kathleen

Subjects

dc:subject × 4

Rights

Language dc:language
en

Identifiers

dc:identifier.*

Chain of custody

source
Harvested from
University of Glasgow
Base URL
theses.gla.ac.uk/cgi/oai2
Last updated
2026-11-19
Source record
OAI-PMH GetRecord
citation

Reddy, Kathleen. Cleachdaidhean creideimh nan Gàidheal Caitligeach sna h-Eileanan Siar mu dheas bho dheireadh na 19mh linn gus an latha an-diugh. PhD thesis, University of Glasgow, 2024. https://doi.org/10.5525/gla.thesis.84178