Back to search

University of Glasgow

Baird agus bana-bhaird a' Bhaile Shear thairis air an 19mh linn agus an 20mh linn: orain is dain neo-fhoillsichte agus an co-theacsa

Abstract

dc:description.abstract

Tha cuid de dh’òrain agus dàin bàird agus bana-bhàird a’ Bhaile Shear nach maireann, bhon 19mh agus an 20mh linn, agus gu h-àraidh an dualchas a chaidh còmhla riutha, ann an cunnart bhon a dhol air chall gu bràth tro bhàs neo dhiochuimhn’, ’s gun a’ mhòr-chuid dhem fiosrachadh ach air cuimhne duine neo dithis den fheadhainn as sine a bhuineas dhan eilean seo de dh’Uibhist a Tuath. Gus nach tachair an leithid, tha an tràchdas seo a’ glèidheadh 24 òrain agus dàin, a chaidh a dhèanamh eadar an 19mh agus an 20mh linn le naoinear bhàird agus bhana-bhàird bhon eilean fhèin, dìreach mar a chaidh an clàradh bho luchd-bratha anns a’ bhliadhna a dh’fhalbh, neo mar a fhuarte iad bho sheann chlàran, clàran Sgoil Eòlais na h-Alba, neo corra làmh-sgrìobhainn. Chaidh clàr CD de gach fear dhiubh, air an gabhail gu traidiseanta, a chur aig cùl an tràchdais cuideachd airson am fuinn, ruitheam agus dualchainnt Ghàidhlig thùsail a shàbhaladh cuideachd. A bharrachd air an seo ghlèidheadh na b’ urrainneadh de dhualchas farsaing agus mionaideach nan òran agus dàn airson ciall ’s mìneachadh a thoirt dha na teacsaichean fhèin agus airson soilleireachadh cho cudromach ’s a bha iad do mhuinntir an eilein thairis air an dà linn seo, ’s iomadh dreuchd aca sa choimhearsnachd. Shoilleirichear cuideachd mar a chaidh na h-òrain agus dàin seo a sgaoileadh agus a chumail beò tro bheul-aithris agus mar dhualchas. Mhìnichear cudrom bàird agus bana-bhàird a’ Bhaile Shear agus an dreuchd a bh’ aca gus muinntir an eilein a fhrithealadh len cuid òrain agus dàin, gus an tàinig lùghdachadh air an iarrtas seo aig deireadh an 20mh linn, ’s na h-òrain agus dàin a’ fulang crìonadh mòr, airson an còrr den linn, air sgàth seo. Tha na h-òrain agus dàin neo-fhoillsichte sa chruinneachadh seo, agus am mìneachadh ’s an anailis a chaidh a dhèanamh orra, a’ cur ri eòlas air òrain agus dàin traidiseanta Gàidhlig, agus an àite a bha aca seo agus aig na bàird agus bana-bhàird a rinn iad, ann an aon choimhearsnachd Ghàidhealach.

Degree

thesis:*
Level dc:type.qualificationlevel
MPhil(R)
Grantor dc:publisher.institution
University of Glasgow
Year dc:date.issued
2012

Author and committee

dc:creator, dc:contributor.*
Author dc:creator
  • NicLeóid, Linda

Subjects

dc:subject × 1

Rights

Language dc:language
en

Identifiers

dc:identifier.*

Chain of custody

source
Harvested from
University of Glasgow
Base URL
theses.gla.ac.uk/cgi/oai2
Last updated
2026-11-19
Source record
OAI-PMH GetRecord
citation

NicLeóid, Linda. Baird agus bana-bhaird a' Bhaile Shear thairis air an 19mh linn agus an 20mh linn: orain is dain neo-fhoillsichte agus an co-theacsa. MPhil(R) thesis, University of Glasgow, 2012. https://theses.gla.ac.uk/3380/2/2011macleodmphil_paipear-taic_2%28a%29.jpg